'S e Na Stàitean Aonaichte ("United States of America" no USA) dùthaich ann an Aimeireaga a Tuath agus tha ì na phoblachd cùmhnantach. Chaidh NSA a stèidheachadh ann an 1776 nuair a thoisich air-a-mach anns a'chiad 13 tìreanan imreach aig Breatainn ann an Ameireaga aghaidh Rìoghachd Bhreatainn Mòr. B'e an "American Revolutionary War" an t-ainm air an strì seo agus sheas ì seachd bliadhna gu Còrdadh Pharis an 1783 nuair a dh'aithnich Breatainn Mòr gu robh Na Stàitean Aonaichte neo-eisimeileach. Bhon àm ud tha an dùthaich air fàs agus sgaoileadh tarsainn air Ameireaga a Tuath gu ìre far a bheil ì a-nis cho mòr is nach eil ach dà dhùthaich anns an t-saoghal nas motha ; an Ruis agus Canada.