'S e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa a tha anns an Fhraing. 'S e Paris am prìomh-baile aice - aon de na bailtean as ainmeil agus as cudthromaich air an Saoghal agus am baile as motha anns an Roinn-Eòrpa as dèidh Lunnainn. 'S i Frangais cànan nam Frangach, ach tha cànanan eile air am bruidhinn anns an dùthaich cuideachd - mar eisimpleir teanga le càirdeas ris a' Ghàidhlig ; am Breatannais ( no "Breton" ann am Frangais) . A bharrachd air sin, tha na cànanan a leanas air an cleachdadh ann an sgìrean eile den Fhraing : Euskera ( Basque ), Catalanais, Corsicanais, Gearmailtis, Fleamais, Ocseadanais ( Occitan ) agus Alsaisean ( Alsatian ). Tha crìochan aig an Fhraing leis a' Bheilg, Lucsamburg, a' Ghearmailt, an Eilbheis, an Eadailt, Monaco, Andòra agus an Spàinn. Tha an Fhraing na ball cudthromach den t-Aonadh Eorpach agus is i aon de na dùthchannan as motha tha ann. 'S e an creideamh Caitligeach an creideamh as motha anns an Fhraing. 'S e ball-coise an spòrs is measail, ach tha Rugbaidh glè chudthromach cuideachd.